Taigh-tasgaidh Gheàrrloch gus fosgladh
- Air fhoillseachadh

Chaidh togalach bho àm a' Chogaidh Fhuair a sgeadachadh is an taigh-tasgaidh a-nise stèidhichte ann.
Thèid taigh-tasgaidh ùr Gheàrrloch fhosgladh gu h-oifigeil Dimàirt.
Tha grunn bhliadhnaichean ann bho thòisich oidhirp gus taigh-tasgaidh ùr a stèidheachadh san sgìre, is an togalach a bh' ann air fàs ro bheag dhaibh, is an t-aonta a chleachdadh air màl cuideachd gus tighinn gu ceann.
Fhuaireadh sealbh air togalach bho àm a' Chogaidh Fhuair, agus às dèidh airgead a thogail is obair-sgeadachachaidh a dhèanamh air, tha an taigh-tasgaidh ùr a-nise deiseil.
Cuirm
Chosg a' phròiseact £2.4m, 's àite ann airson taisbeanaidhean, a bharrachd air goireasan mar leabhar-lann, bùth agus àite-bìdh.
Thuirt Roy Mac an t-Saoir bho Thaigh-tasgaidh Gheàrrloch gur e slighe fhada a bh' ann ach gu bheil goireas air leth aca a-nise.
Ged a tha an taigh-tasgaidh ùr air fosgladh mar-thà, bidh cuirm aca madainn Dimàirt gus fhosgladh gu h-oifigeil.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios 2019

- Air fhoillseachadh16 An Dùbhlachd 2016
