Casaidean air dithis air motar-baidhseagal a bha a' dol ro luath

  • Air fhoillseachadh

Chuir oifigich stad air còrr air 100 motar-baidhseagail air an A82 eadar an Gearasdan agus Taigh an Droma air an deireadh sheachdain mar phàirt de dh'iomairt shàbhailteachd.

Nam measg tha deichnear fo chasaid gun do bhris iad laghan a thaobh astair ceadaichte.

Tha dithis fhear ann, 70 agus 60 bliadhna de dh'aois, a chaidh a chlàradh a' dol aig 101 mìle san uair agus aig 90 mìle san uair. Tha casaid nan aghaidh-san gun robh iad a' dràibheadh gu cunnartach agus gu mì-chùramach.

Thuir an Const. Ross Mac an t-Sagairt gur ann mu dheidhinn daoine fhoghlamachadh a bha a' chuid is motha de dh'obair nam poileas agus gun robh a' mhòr-chuid de dhràibhearan faiceallach air an rathad.

Tha e ag ràdh gu bheil sàbhailteachd air an A82 na phrìomhachas dhaibh agus gun lean an obair a' cumail sùil air rathaidean na sgìre.