Uidheamachd uisge a-niste aig trì bailtean sna Hearadh
- Air fhoillseachadh

Tha an an uidheamachd a chumas uisge glan ri trì coimhearsnachdan ann an ceann a tuath na Hearadh air an sgìre a ruighinn.
Chaidh a cur air bàta sònraichte ann an Ciseorn Diluain mus tàinig e tarsainn a' Chuain Sgìth tro Chaolas na Hearadh, a' tighinn gu tìr aig muir-làn ann an Hùisinis oidhche Luain
'S e a' chompanaidh, Ross-shire Engineering, a thog an uidheamachd aig an fhactaraidh aca air a' Bhlàr Dhubh, faisg air Inbhir Nis, mar phàirt de cho-bhanntachd eadar iad agus Uisge na h-Alba airson coinneachadh ri feumalachadh sgìrean dùthchail agus eileanach.
Chosg Uisge na h-Alba £4.5m airson dèanamh cinnteach gum bi uisge glan agus seirbheis bùrn sheasmach aig luchd-còmhnaidh Ghòbhaig, Beadarsaig agus Hùisinis.

'S ann aig Tràigh Hùisinis a thàinig an stuth gu tìr
Thuirt Àrd-Oifigear Uisge na h-Alba, Peadar Farrer:
"'S e amas Uisge na h-Alba an aon sheirbheis a thoirt do luchd-cleachdaidh, air an aon phrìs ìosail, sa h-uile sgìre ann an Alba.
"Bidh aon ionad-glanaidh a' dol an àite na dhà a th' ann an-dràsta, a bhios comasach air uisge a chumail ri daoine nuair a tha barrachd a dhìth agus luchd-tadhail ann, agus bidh e cuideachd a' ciallachadh gum bi gu leòr ann ma thig barrachd dhaoine a dh'fhuireach san sgìre."

Cothrom dhan choimhearsnachd
Thuirt Cathraiche Urras Cheann a Tuath na Hearadh, Calum MacAoidh, gun robh iad air an dòigh gun deach adhartas a dhèanamh airson seirbheis uisge a chumail ri muinntir an àite.
"Chan eil na th' air a bhith ann de dh'uisge air tighinn a rèir fheumalachdan nan trì bailtean sna beagan bliadhnaichean a dh'fhalbh, gu sònraichte ann an Hùisinis.
"Bidh seirbheis uisge cheart aig Beadarsaig airson a' chiad uair.
"Tha an t-seirbheis nas fhèarr a' fàgail gum bi e comasach barrachd thaighean a bhith ann agus gun gabh gnìomhachasan a stèidheachadh," thuirt e.