Na Lochan troimhe
- Air fhoillseachadh

Chaidh na Lochan air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich oidhche Luain nuair a chuir iad Nis a-mach às an fharpais.
Sa gheama eile Diluain, rinn an Rubha an gnothach 1-0 air an Taobh Siar sa chiad gheama den iar-chuairt dheireannaich acasan.
Bha na Lochan air thoiseach a' dol a-steach dhan gheama aig na Còig Pèighinnean is buaidh 3-0 air a thoirt dhaibh leis nach b' urrainn do Nis sgioba a chur air a' phàirc sa chiad gheama.
Sheall Nis tràth nach robh an gnothach seachad aige sin.
Cha robh fiù 's mionaid air a cluich oidhche Luain nuair a chuir Dòmhnall 'Cheocaidh' Mac a' Ghobhainn - fear de ghràisg de laoich Nis a bha air ais san sgioba air an oidhche - an sgioba aige air thoiseach.
Dòchas
Bha na Nisich a' sìor fhàs dòchasach nuair a chuir Seumas 'Titch' Moireasdan - air ais e fhèin às dèidh dha a bhith air a ghoirteachadh - iad 2-0 air thoiseach.
Fhreagair Stiùbhart MacIllinnein airson sgioba nan Loch, ach nuair a thàinig an tuilleadh thadhal bho Sheumas 'Titch' Moireasdan is Dòmhnall 'Cheocaidh' Mac a' Ghobhainn, bha a h-uile coltas ann gun rachadh an geama gu ùine a bharrachd is na sgiobaidhean co-ionnan aig 4-4.
Bha car sa ghnothach anns na mionaidean mu dheireadh ge-tà, is Connor MacÌomhair is Calum Masson air an targaid dha na Lochan.
Chrìochnaich an geama 4-3 dha Nis ach na Lochan troimhe 6-4 thairis air an dà gheama.
Bidh na Lochan a-nise an aghaidh a' Bhac san iar-chuairt dheireannaich.
Tha làmh an uachdair aig an Rubha san iar-chuairt dheireannaich eile.
Air thoiseach
Chuir Sean 'Bayble' MacLeòid an aon tadhal a bh' ann sa gheama an aghaidh an Taobh Siar oidhche Luain.
Coinnichidh na sgiobaidhean sa dàrna geama an ath-sheachdain.
Bha aire air Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt is dà gheama ann.
Ged a bha Èirisgeigh 4-1 air thoiseach an aghaidh Beinn nam Fadhla, bhuannaich Beinn nam Fadhla 5-4 air a' cheann thall.
Sa gheama eile, rinn Southend an gnothach air Uibhist a Tuath 6-1.
Tha geamaichean na seachdain mar a leanas:
Dihaoine- 19/07 - uile aig 7f
Lìog Leòdhais is na Hearadh
An Rubha - Am Bac
Aths - United
An Taobh Siar - Càrlabhagh
Na Hearadh - Na Lochan
Disathairne - 20/07
Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd
Abhach - Slèite is an Srath 3f
Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse
Malaig - Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich 3f
Cupa Rois
Juniors Phort Rìgh - GA United 6f
Lìog Uibhist is Bharraigh
Barraigh - Southend 12.30f