Tuilleadh leudachaidh air foghlam Gàidhlig

Tha na tha de chloinn a' dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig air èirigh gu mòr anns na sia bliadhna a dh'fhalbh.

Tha àireamhan bho Bhòrd na Gàidhlig a' sealltainn gun deach na tha de dh'òganaich ann am bun-sgoiltean is sgoiltean-àraich an àirde beagan is 40% san ùine sin, agus e follaiseach gu bheil an t-iarrtas airson foghlam sa chànan a' fàs.

Chuala Innes Rothach tuilleadh bho Ceannard a' Bhùird, Shona NicIllinnein.