Corp air a lorg sa mhuir far Mhuile

  • Air fhoillseachadh
Eilean Mhuile
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh fios a chur air na seibheisean èiginn oidhche Mhàirt

Dhearbh na maoir-chladaich gun deach corp fireannaich a lorg san iomairt airson fear le caidheag a bh' air a dhol a dhìth.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm oidhche Mhàirt an dèidh mar a chunnacas caidheag sa mhuir gun duine ann.

Rinn na poilis, sgioba teasairginn Thobar Mhoire agus Maoir-Chladaich Mhuile rannsachadh tron oidhche ann an oidhirp an duine a lorg.

Lean an oidhirp sin Diciadain agus fhuaireas corp an duine beagan ro 12:00f.

Tha Poileas Alba a-nis a' feuchainn ri teaghlach an duine a lorg.