Naidheachdan 11:00m
Thug an Ceann-Suidhe Trump freagairt dhan bhòt a bh' ann an Taigh nan Riochdairean ga chronachadh airson a bhriathran gum bu chòir do cheathrar bhall dubha Deamocratach tilleadh dha na dùthchannan às an tàinig iad. Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gur e deagh rud a th' ann nach do bhòt airson a chronachadh ach ceathrar de na Poblachdaich.
Thug còrr is 60 morair Làbarach sanas a-mach anns a' Ghuardian a' fàgail air Jeremy Corbyn gu bheil e a' faileachadh air dèiligeadh ri gràin air Iùdhaich anns a' phàrtaidh. Thuirt fear-labhairt Làbarach gu bheil làn-taic aca dhan choimhearsnachd Iùdhaich, agus gu bheil iad a' cur cabhaig ris a' phròiseas airson dèiligeadh ri casaidean de ghràin air Iùdhaich.
Thuirt an duine aig Nazanin Zaghari-Ratcliffe, am boireannach Breatannach-Ioràinianach a th' air a bhith sa phrìosan ann an Ioran bho 2016, gu bheil dragh mòr air gun deach a gluasad às a' phrìosan gu ionad psychiatric. Thuirt Ridseard Ratcliffe gu bheil Revolutionary Guard Iorain a' diùltadh cead dhasan a bhean fhaicinn, agus gu bheil dragh air gu bheil i ann an aonaranas.
Tha an àireamh chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air èirigh gu mòr air an t-sia bliadhna mu dheireadh. Tha Bòrd na Gàidhlig ag ràdh gun robh àrdachadh mu 40% san àireamh a tha a' dol gu bun-sgoiltean agus sgoiltean-àraich Ghàidhlig, 's gu bheil e follaiseach gu bheil iarrtas airson foghlam Gàidhlig a' sìor fhàs. Tha iad cuideachd air dà dhreuchd ùr a stèidheachadh mu choinneimh an leudachaidh sin.
Cha do ghluais prìomh reat na h-Atmhorachd bho 2% san Ògmhios. Sin an dàrna mìos ann an sreath air an tàinig Banca Shasainn air an targaid.
Tha Fèis Cheilteach Innse Gall a' tòiseachadh an-diugh ann an Steòrnabhagh. Am measg na th' ann am-bliadhna tha KT Tunstall, Na Shires, Newton Faulkner agus Tidelines. Bidh cèilidh tòiseachaidh air bòrd an MV Loch Seaforth.