Lòd cugallach a dh'adbhraich tubaist heileacoptair mhairbhteach
- Air fhoillseachadh

Bha an healeacopair ri fhaicinn bun os cionn agus pìos dheth fon uisge san loch
Fhuair sgrùdadh gun do bhàsaich pìleat heileacoptair ri linn gun robh an luchd a bha e a' togail neo-sheasmhach.
Bha Peadar Clunas, 59, ris an obair aig tuath-èisg ann an Uibhist a Tuath nuair a thachair an tubaist san Ògmhios 2018.
Thòisich an t-eathar beag a bhathar a' togail a ghluasad gu cugallach agus chaidh i suas gu grad, ag adhbhrachadh gun do bhuail an loidhne-togail ann an rotar-cùil an heileacoptair agus gun deach i an-sàs ann.
Dh'fhàg sinn nach gabhadh smachd a chumail air an inneal, agus thàinig i sìos aig astar a-steach do loch.

Thuirt teaghlach Pheadair Cluans an-uiridh gur e fear beòthail làn àbhachdais a bh'ann.
A rèir na h-aithisg bho Mheur Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair (AAIB), thàinig an heileacoptair a-nuas gu luath a' bualadh a-steach do Loch Scadabhaigh.
Bha Mgr Clunas, à Newburgh, leis fhèin san heileacoptair.
Thuirt a theaghlach an-uiridh gur e fìor charactair a bh' ann san robh smior.

Bha an A867 eadar Loch nam Madadh agus Clachan na Luib dùinte fad còrr air ceithir uairean de thìde an dèidh na tubaiste.
Thachair an tubaist mhairbhteach air 13mh den Ògmhios deas air Loch nam Madadh.
"Dh'fhàg cumadh agus meud a' bhàta agus an dòigh san robhar ga giùlain nas coltaiche gum biodh cunnart ann gum biodh i cugallach", dh'innis aithisg an AAIB.
"Tha a' chompanaidh leis an robh an heileacoptair air grunn cheumanan sàbhailteachd a ghabhail a thaobh modhan-obrach agus trèanaidh.
"Tha iad cuideachd air casg rè-ùine a chur air giùlan cuid a luchdan a dh'fhaodadh a bhith cugallach agus cunnartach", dh'innis e.