Tràighean nan Eilean Samhraidh gan glanadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh na tunnaichean de threallaich a thogail bho chladaichean nan Eilean Samhraidh, far chosta thaobh siar Rois.
Thuirt an fheadhainn air cùl oidhirp na tràighean a ghlanadh gu bheil uallach orra gum faodadh na th' ann de sgrudal a bhith cunnartach do dh'ainmhidhean mara agus mac an duine.
Chaidh suas ri ochd tunnaichean de ròpannan, lìon, plastaig agus eile a chruinneachadh bho chòig thràighean sna h-Eileanan Samhraidh agus a ghiùlain air eathair gu Ulapul.
Thuirt Urras Fiadh-bheatha na h-Alba - a chuir an iomairt coimhearsnachd air dòigh - gur e sìor fhosgladh sùla a bh' ann air na cunnartan a dh'fhaodadh a bhith ann do bheathaichean leithid ròin, agus eòin mhara.
Tha an fheadhainn a tha ag obair dhaibh gu saor-thoileach ag ràdh nach e ach fìor thoiseach-tòiseachaidh a bh' anns na chaidh a thogail on chiad oidhirp aca.
Rinn iad iarrtas airson taic-airgid agus taic laghail airson cuideachadh an aghaidh an fheadhainn a tha a' truailleadh àrainneachd na mara.