Naidheachdann 11:00m

Tha eòlaichean an Riaghaltais fhèin ag ràdh gum faodadh eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte a dhol gu crìonadh le Brexit gun aonta. Anns a' chiad thomhas aca air falbh às an Aonadh Eòrpach gun aonta tha an Oifis airson Dleastanas a' Bhuidseit ag ràdh gum faodadh toradh GDP na dùthcha tuiteam cho mòr ri 2% ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.

Thèid innse do rannsachadh an-diugh gun do dh'fhulaing clann ionnsaighean drabasta agus corporra aig sgoil Chaitligich air a' Ghàidhealtachd. Tha na casaidean mu Abaid Chille Chuimein a' dol mu choinneimh an rannsachaidh mu dhroch-dhìol chloinne. Seo an ceathramh earrann den rannsachadh, agus tha aire air ionadan-cùraim chloinne a bha buidhnean cràbhaidh fhireannach a' ruith. Agus chuala an rannsachadh an-diugh gu bheil aon de na h-òrdain chràbhaidh sin, an Coithional Benedictine Sasannach, air airgead-dìolaidh a thoirt do dheichnear den fheadhainn a bha nan cùram aig aon àm aig dà dhachaigh a bha iad a' ruith air a' Ghàidhealtachd.

Thuirt oifigich ann am baile Kyoto ann an Iapan gun deach 23 duine co-dhiù a mharbhadh ann an ionnsaigh le teine air stiùidio film anns a' bhaile. Chaidh mòran eile a ghoirteachadh agus tha dùil gun èirich àireamh nam marbh fhathast. Thòisich teine 's bha spreadhadh ann an dèidh aithrisean gun do chuir duine teine ris an togalach.

Dh'aidich Ceannard Leasachaidh agus Dealbhachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, Joe Mac a' Phì, gum biodh e na b' fheàrr nam biodh coinneamhan poblach air a bhith ann mus deach cead-dealbhachaidh iarraidh airson port-fànais aig Scolpaig ann an Uibhist a Tuath. Tha còrr is 150 duine air cur an aghaidh a' phlana, agus tha dragh orra mun bhuaidh air an àrainneachd agus coltas an àite. Tha Joe Mac a' Phì ag ràdh gun tèid an cead-dealbhachaidh a shoilleireachadh, agus gum bi coinneamhan poblach ann air an ath-mhìos mus dùin ùine a' cho-chomhairleachaidh.

Nì Còmhdhail Alba leasachadh air an rathad aig Cidhe Sgonnsair anns an Eilean Sgitheanach far a bheil muinntir an àite air a bhith a' gearain gu bheil an rathad cunnartach. Thuirt ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gun do dh'innis Còmhdhail Alba dhìse gum bi iad a' cur cabhsair do dh'fheadhainn a tha a' coiseachd ri taobh an rathaid - am prìomh rathad tron eilean. Bidh iad cuideachd a' toirt seallaidh nas fheàrr do dhràibhearan aig ceann an rathaid gu ruige a' chidhe agus pàirce nan càraichean aison aiseag Ratharsair, agus a' gluasad an àite anns am bi busaichean a' stad. Chan eil guth ann ge-tà, air casg-astair a tha mòran de mhuinntir an àite ag iarraidh.