Ceum air adhart do dh'Oighreachd nam Bàgh
Tha na planaichean gus Oighreachd nam Bàgh a chuir fo sealbh na coimhearsnachd air ceum air adhart a ghabhail.
Tha an oighreachd a' gabhail a-steach 30,000 acair do thalamh sna Hearadh agus Beàrnaraigh agus tha an t-uachdaran air innse don bhòrd-stiùiridh gu bheil e deònach còmhraidhean a thòiseachadh, ma tha mòr chuid de mhuinntir an àite airson a ceannachd.