Fhuaireadh corp iasgair air cladach Uibhist a Deas
- Air fhoillseachadh

Bhàsaich iasgair a bha ag obair ann am bàta chlèibh far chosta Uibhist a Deas.
Thuirt Poileas Alba gun deach corp an fhireannaich, a bha 57 bliadhna de dh'aois, a lorg air a' chladach aig Loch a' Chàrnain mu 1:30f Diciadain.
Bha heileacoptair agus sgiobaidhean nam Maor-Cladaich, bàta teasairginn agus carbadan eiridinn uile a' toirt taic dha na Poilis air an làraich.
Thuirt fear-labhairt nam Poileas: " Tha an sgrùdadh againn a' leantainn feuch dè thachair an seo, ged nach eil sin den bheachd gu bheil càil amharasach mun chùis."
Thuirt na Maoir-Chlaidaich gun deach fios a chur orra gun robh am fear san uisge mu 1:00f.
Thuirt tè-labhairt: "Bha sgiobaidhean teasairginn nam Maor-Cladaich à Beinn nam Fadhla agus Loch Baghasdail, bàta-teasairginn Bharraigh, heileacoptair Mhaor-Cladaich Steòrnabhaigh, Seirbheis Charbadan Eiridinn na h-Alba agus Poileas Alba uile air an cur ann."