Naidheachdan 11:00m
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur £2.1bn eile ris an ullachadh airson Bhrexit gun aonta. Thèid an t-airgead a chur ri tuilleadh oifigeach air na crìochan, agus air barrachd àite do bhathair chudromach mar chungaidhean-lèigheis. Tha na Làbaraich ag ràdh gum bu chòir dhan Riaghaltas cùl a chur ri Brexit gun aonta, agus an t-airgead a chosg air sgoiltean agus ospadail.
Dh'iarr Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, gealltanas gum bi an aon dìon inbhe air biadh agus stuth dùthchasach eile mar uisge-beatha gus bradan, ged a bhiodh Brexit gun aonta ann. Dh'iarr Mgr Ewing air Rùnaire Àrainneachd ùr Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Theresa Villiers, dèanamh cinnteach gun tèid na comharran tùs-àite (geographical indications) do stuth Bhreatannach a ghlèidheadh.
Tha an t-arm a' cuideachadh dhaoine ann an sgìrean iomallach ann an Yorkshire an dèidh dà là de dh'uisge trom agus tuiltean. Chaidh na h-uimhir de rathaidean agus drochaidean a' sguabadh air falbh sna Yorkshire Dales. Thuirt Buidheann Àrainneachd Shasainn gu bheil an èiginn leis a' ghnàth-aimsir a' ciallachadh nach urrainn dhaibh dìon no togail às ùr a dhèanamh air feadhainn de na h-àiteachan a dh'fhulaing, agus gum feum coimhearsnachdan ann an corra àite gluasad.
Agus tha aon de phrìomh rathaidean Earra-Ghàidheal dùinte le maoim-slèibhe an dèidh uisge thruim an-dè. Dhùin na Poilis rathad an A815 beagan tuath air Srath Churra, mu 6:00f an-dè.
Chaidh companaidh ann am Fìobha fodha le call mu 250 cosnadh. Bha Havelock a' sgeadachadh 's a' dèanamh àirneis do bhùthannan. Chaidh cobhair a dhèanamh an-uiridh air a' chompanaidh a bha stèidhichte ann an Cathair Challtainn, ach thuirt luchd-rianachd gu bheil cùisean air a bhith a' faileachadh orra on uair sin.
Tha riaghailtean ùra san Òlaind a' cur casg air còmhdach de sheòrsa sam bith a tha a' falach aodainn dhaoine ann an àiteachan poblach. Tha brat-gnùise Ioslamach am measg nan rudan air a bheil casg leis an lagh ùr, a tha fìor chonnspaideach agus mòran a' cur na aghaidh. Dh'fhaodadh càin suas ri £130,000 a bhith air duine a bhriseas an lagh ùr.
Tha dùil ri dithis anns a' chùirt an-diugh co-cheangailte ri bàs bhoireannaich ann an Sealtainn. Chaidh Tracey Walker, a bha 40 bliadhna de dh'aois, fhaighinn air an t-sràid ann an Lèaruig goirid an dèidh 02:00m Dimàirt. Tha boireannach a tha 27 bliadhna de dh'aois, agus fireannach a tha 31, fo chasaid.
Dh'fhaodadh tunail fon mhuir eadar an t-Eilean Sgitheanach 's na Hearadh còrr is £300m a chùmhnadh thairis air 60 bliadhna. A rèir chompanaidh de dh'eòlaichean air an deach iarraidh rannsachadh a dhèanamh air a' chùis. Thuirt a' bhuidheann Norconsult a th' air a bhith ag obair air pròiseactan den aon sheòrsa ann an Nirribhidh agus anns na h-Eileanan Fàrach, gu bheil iad deònach sùil a thoirt air leithid de cheangal dha na h-Eileanan an Iar. Thuirt ball na sgìre ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, a dh'iarr beachd na companaidh, gu bheil e air am fiosrachadh seo a thoirt do Riaghaltas na h-Alba.