Taigh Sir Compton MhicCoinnich ga reic

Tha còrr is dà fhichead duine air ùidh a shealltainn ann a bhith a' ceannach an t-seann taighe aig Sir Compton MacCoinnich ann am Barraigh.

'S ann ann an 'Suidheachan' - ainm an taighe - a' sgrìobh e an leabhar ainmeil 'Whisky Galore'.

Thathas ag iarraidh còrr air £335,000 air an dachaigh a thog e anns an Àird Mhòir, agus tha an ceann-latha ann dihaoine.

Chaidh an tè-naidheachd againne, Shona NicDhòmhnaill, ga choimhead.