Naidheachdan 11:00m
Chaill na Tòraidhean fo-thaghadh Brecon agus Radnorshire anns a' Chuimrigh ris na Libearalaich Dheamocratach, agus chan eil a-niste ach mòr-chuid de dh'aonan aig Boris Johnson ann an Taigh nan Cumantan. Sheachainn Plàid Cymru agus na h-Uainich an taghadh seo gus an toireadh e cothrom nas fheàrr do phàrtaidh a tha an aghaidh Bhrexit. Tha an t-eòlaiche thaghaidhean, Sir John Curtiss, den bheachd nam biodh taghadh coitcheann ann anns an aithghearrachd, gur dòcha nach soirbhicheadh leis na Tòraidhean.
Tha oidhirp mhòr a' dol air adhart fhathast ann an Derbyshire far a bheil baile Whaley Bridge ann an cunnart, agus dragh ann gu bheil dam os cionn a' bhaile gus briseadh, an dèidh uisge thruim aig toiseach na seachdain a thug buaidh air mòran de cheann a tuath Shasainn. Tha uisge an-dràsta ga phumpadh a-mach às Amar Todbrook. Thàinig air mu 1,500 de mhuinntir a' bhaile an dachannan fhàgail an-dè.
Rinn Banca Rìoghail na h-Alba prothaid ro chìsean de £2.7bn air a' chiad leth den bhliadhna. Sin na figearan sia mìosail as fheàrr aig RBS ann an còrr is deich bliadhna. Buinidh a' mhòr-chuid den bhanca fhathast dhan stàit, agus thuirt RBS gum faigh an Riaghaltas còrr is £1.5bn air ais an turas seo.
Tha Comhairle Pheairt agus Chinn Rois a' rannsachadh bàs bhalaich sgoile air Abhainn Tatha air an deireadh-sheachdain. Chaidh Kayden Walker, a bha 12, a thoirt às an uisge, faisg air Stanley Là na Sàbaid, ach chaochail e san ospadal ann an Glaschu Dimàirt.
Tha Caidreachas Phoileas na h-Alba, a' bhuidheann a tha a' riochdachadh oifigearan poilis, ag ràdh gu bheil an t-seirbheis anns na sgìrean iomallach a' sìor dhol bhuaithe. Thèid figearan fhoillseachadh an-diugh a sheallas gu bheil còrr is 17,000 oifigear poilis an Alba. Ach tha an Caidreachas ag ràdh nach eil sin a' dèanamh deilbh cheart air an t-suidheachadh, agus gu bheil e a' fàs nas doirbhe poilis fhastadh, gu h-àraid anns na sgìrean dùthchail, agus mòran dhiubh a' seachnadh nan sgìrean a tha sin airson obair anns na bailtean mòra.