Soirbheachadh sna deuchainnean air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Bha àrdachadh san àireimh chloinne a fhuair duaisean ann am Beurla agus Matamataigs an taca ris a' bhliadhna an-uiridh air a' Ghàidhealtachd.
Shoirbhich le 94% san deuchainn Bheurla aig Àrd-Ìre, 8% a bharrachd air 2018; rinn 87% a' chùis ann am Matamaigs aig Àrd-Ìre, àrdachadh de 5%.
Rinn sgoilearan S4 fìor mhath cuideachd le 45% dhiubh a' faighinn còig Teisteanasan Nàiseanta 5 - àrdachadh de 6% bho 2015 agus de 2.5% an coimeas ri àireamhan 2018.
Fhuair 93% den fheadhainn a rinn na deuchainnean co-dhiù aon duais, agus bha na bu lugha de sgoilearan nach d' fhuair duais.
Chuir an Comh. Iain Fionnlasdan, Cathraiche Comataidh a' Chùraim, an Ionnsachaidh agus an Taigheadais, fàilte air na figearan.
"Meal an naidheachd air na sgoilearan agus an luchd-teagaisg airson an cuid saothrach.
"Tha e mìorbhaileach a bhith a' faicinn sgoilearan Gàidhealach a' dèanamh na b' fheàrr bliadhna an dèidh bliadhna.
"Cuimhnich mura d' fhuair thu na bha thu a' sùileachadh gu bheil taic agus comhairle ri fhaotainn bho leithid Leasachadh Sgilean na h-Alba air an t-seirbheis fòn aca 0808 100 8000, air an làraich-lìn aca agus tro na meadhanan sòisealta," thuirt e.