Uisge-Beatha Fior no Fuadain?
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-einnseinnìridh bho Oilthighean Ghlaschu is Shrath Chluaidh air teanga fhuadain a dhealbh a dh'aithnicheas diofar sheòrsaichean uisge-beatha bho chèile.
Tha luchd-saidheans ag ràdh gun cuidich seo le bhith a' lorg uisge-beatha fuadain air a' mhàrgaidh.
Ann an aithisg bho Chomann Rìoghail na Ceimigeachd cluinnear mar a thog luchd-einnseinnìridh pìos beag meadailte a' cleachdadh phìosan fìor bheag de dh'òr agus de dh'alùmanum airson dèanamh a-mach dè am blàs a th' air stuth. Ag obrachadh mar a tha sinn a' faighinn blas le ar teanga, ach le gucagan 500 turas nas lugha na th' againne nar beoil.
Chleachd an sgioba rannsachaidh taghadh de dh'uisge-bheatha bho Glenfiddich, Glen Marnoch agus Laphroaig airson nan deuchainnean.
Teicneòlas
Chunnacas an t-atharrachadh a bh' aig na meatailtean leis an t-solas agus, dh'innis sin dhaibh an diofar seòrsa uisge-bheatha a bh' ann.
Ged a tha iad air a bhith a' sealltainn air uisge-beatha san deuchainn, dh'fhaodar an teicneòlas a chleachdadh airson blas fhaighinn air druthag de stuth sam bith, thuirt an Dr. Alasdair Clark bho Sgoil Einnseinnìridh Oilthigh Ghlaschu, a bha an sàs san rannsachaidh.
"Tha e follaiseach gum biodh e comasach air a bhith a' lorg deoch-làidir nach eil fìor no glan, air a' mhargaidh," thuirt an Dr. Clark.
"A bharrachd, dh'fhaodar a chleachdadh ann a bhith a' dèanamh deuchainn air sàbhailteachd bìdh, smachd a chumail air inbhe, agus dìon," thuirt e.
Trioblaidean
Tha trioblaid ann le uisge-beatha meallta a' tighinn air a' mhargaidh, a rèir Mhurchaidh Chaimbeul, a tha na eòlaichea air a' ghnìomhachas.
"Tha e air a bhith a' fas cumanta airson bliadhnaichean an seo agus tha trioblaidean sònraichte aca leis ann ann an dùthchanan thall-thairis, is daoine a tha ri foill ga chur air a' mhargaidh," thuirt Mgr Caimbeul.
"'S e rud cunnartach a th' ann. Tha an stuth meallta gu math coltach ri uisge-beatha ach cha bhiodh e math dhut a bhith ga òl.
"Cuiridh seo bacadh orra tha mi a' smaointinn.
"'S e ruideigin annasach agus ùr a tha seo. Tha daoine ann a tha math air diofar aithneachadh san uisge-bheatha le an teanga fhèin, ach chan eil mi a' smaointinn gum biodh iad cho math ri seo.
"Agus aon uair 's gun gabhadh tu aon bhlas de rud, bhiodh e duilich dha do teanga an uairsin an ath thè a ghabhail agus thu a bhith a' cheart cho math 's a bha thu leis a' chiad tè," thuirt e.
Mionaideach
Chaidh aig an teanga air diofar a bhlasadh eadar na dramanan le bhith cho mionaideach ri còrr is 99%.
Thog e suas an diofar eadar an aon uisge-bheatha aig an aon aois ach bho dhiofar bharailtean agus bhon aon uisge-beatha ach aig na diofar aoisean - 12, 15 agus 18 bliadhna.
"Chan e sinne a' chiad luchd-rannsachaidh a rinn teanga fhuadain, ach is sinne a' chiad fheadhainn a rinn e san dòigh seo a tha a' cleachdadh an dà mheadailt agus a bheir seachad am fiosrachadh as mionaidiche agus as luaithe," thuirt an Dr. Clark.