Bhàsaich fireannach ann an tubaist rathaid sa Ghearasdan

  • Air fhoillseachadh
Sanas nam Poileas

Dhearbh Poileas Alba gun do chaochail fear, 33, an dèidh tubaiste eadar baidhseagail agus làraidh sa Ghearasdan.

Thachair e air an A830 air iomall a' bhaile beagan an dèidh 7:30f Dimàirt ann an sgìre a' Bhlàir Mhòir.

Bha am fear a bhàsaich air baidhseagail. Tha fios aig a theaghlach mu na dh'èirich dha.

Cha deach dràibhear na làraidh a ghoirteachadh.

Bha an duine air a' bhaidhseagail agus an làraidh a' dol dhan ear a dh'ionnsaigh an A82 nuair a bhuail iad na chèile.

Bha an rathad dùinte gu mu 12:50m airson leigeil leis na Poilis làrach na tubaiste a sgrùdadh.

Thuirt an Sairdeant Ewan Calder gun robh càirdean agus caraidean an duine nan smuaintean.

Tha iad ag iarraidh bhruidhinn ri daoine nan robh iad an làthair aig àm na tubaiste, agus gu h-àraid ma tha dealbhan dashcam aca.