11 sgoil ùr a dhìth air Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Tha an deasbad mu Bhun-Sgoil an Ath Leathainn a' sìor dhol air adhart eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba.
Tha ceannard buidseat na Comhairle, Alasdair MacFhionghain, ag ràdh nach ann san Ath Leathann a-mhàin a tha cruaidh-fheum air sgoil ùir, ach ann deich àiteachan eile air a' Ghàidhealtachd cuideachd.
'S e seasamh Riaghaltas na h-Alba gur i a' Chomhairle a dh'fheumas airgead iarradh bhuapsan 'son sgoiltean ùra.
Ach tha Alasdair MacFhionghain ag ràdh gu bheil làn-fhios aig an Riaghaltas càite a bheil feum air sgoiltean ùra, agus nach eil an t-airgead aig a' Chomhairle.
£1bn
"'S e Bun-Sgoil an Ath Leathainn tè de 11 sgoil a tha sinne ag iarraidh taic bhon Riaghaltas airson a bhith ag obair orra," thuirt e.
"Dh'aontaich sinn sin an-uiridh nuair a bha sinn a' dèanamh a' bhuidseit chalpa againn.
"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ris an Riaghaltas, agus mar a thuirt mi iomadach uair, cha d' fhuair sinn taic an-uiridh, is cha d' fhuair sinn taic am-bliadhna fhathast airson a bhith a' togail sgoiltean, 's rathaidean, 's rudan mar sin," thuirt e.
Dh'innis BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, gu bheil £1bn ri fhaighinn do chomhairlean airson sgoiltean ùra a thogail, 's gu bheil e an-urra ris a' Chomhairle fhèin iarrtas a chur a-steach mu choinneimh sin.
"Tha fhios aca glè mhath dè na sgoiltean a th' againne, agus tha iad uabhasach math air a bhith a' bruidhinn airson gum bi £1bn ann," thuirt Mgr MacFhionghain.
"Tha sinne air a bhith ag obair còmhla ris an Riaghaltas airson iomadach bliadhna, agus tha sinn an dòchas gun obraich sinn ri chèile, agus gum faigh sinn an t-airgead a tha a dhìth orra airson nan togalaichean ùra, agus adhartas eile, a dhèanamh," thuirt e.
Dhiùlt Mgr MacFhionghain a ràdh gur ann airson sgoil ùr dhan Ath Leathann a chuireadh a' Chomhairle iarrtas a-steach airson earrann den £1bn fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.
"Chan eil mise a' dol a ràdh cò an sgoil as fheàrr a bhios againne," thuirt e.
"Tha gearain againne nach eil sinn a' faighinn adhartais ann, ach mar a thuirt mi mar thà, 's e cnag na cùise nach eil an t-airgead againn," thuirt e.