Togalach ùr do Chomunn Eachdraidh Nis

Tha togalach ur Chomuinn Eachdraidh Nis a-nis fosgailte dhan a' phoball.

Tha rudan beaga ri dhèanamh na bhroinn fhathast, ach chaidh fàilte a chur air gu leòr daoine cheanna eadar luchd-turais agus muinntir an àite fhèin.

Tha an leasachadh a chaidh a dhèanamh air an togalach, luach còrr air millean not, a' toirt cothrom don Chomunn Eachdraidh fada a bharrachd a dhèanamh, agus iad air tòiseachdainn air stuth a dheasachadh san taigh-tasgaidh tha mar phàirt dheth.

Chaidh Aonghas Dòmhnallach ga fhaicinn.