Iomairt airson talla-ciùil ann an Inbhir Nis a ghlèidheadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh an Ironworks a thogail mar thalla-ciùil
Chuir còrr 's 3,000 duine an ainm ri ath-chuinge a tha a' cur an aghaidh phlanaichean talla-ciùil Ironworks ann an Inbhir Nis a leagail.
Tha a' chompanaidh Bricks Capital air leigeil fhaicinn do Chomhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad airson an togalach a leagail agus taigh-òsta le 162 seòmraichean-cadail a thogail air an làraich.
Chaidh an Ironworks a thogail a dh'aona-ghnothaich mar thalla-ciùil agus am measg na daoine a th' air a bhith air an àrd-ùrlar tha Runrig, Joan Armatrading agus Bella agus Sebastian.

Gabhaidh an talla còrr agus mìle duine.
Tha an còmhlan Niteworks cuideachd air cluich aig Ironworks, agus tha fear de na buill aca, Ruairidh Greumach, ag ràdh gur e call mòr a bhiodh ann nan cailleadh a' Ghàidhealtachd àite de a leithid.
"'S e fear dhe na prìomh àiteachan airson cluich ma tha thu nad chòmhlan, chan e a-mhàin air a' Ghàidhealtachd ach ann an Alba air fad.
"'S e faireachdain fìor mhath a bhith ann an àite a tha cho ainmeil agus cliùiteach agus tha an siostam PA fìor mhath cuideachd.
"Tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gum biodh e na cheum air ais dhan bhaile ma leagas iad an Ironworks airson rudeigin eile," thuirt e.
Cead-dealbhachaidh
Tha Bricks Capital airson taigh-òsta 'Courtyard by Marriot' a thogail le bùithean fodha air an t-sràid.
Bhiodh an togalach air anlàraich bhàin air cùl Sràid Acadamaidh far a bheil Taigh-seinnse a' Pheonix agus ri taobh Raon Gnìomhachais Sràid an Ròis, ach bidh aghaidh an togalaich air a' phrìomh shràid, a' fàgail gum feumte faighinn caoidhteas an Ironworks.
Cha do chuir Bricks Capital a-steach airson cead dealbhachaidh fhathast ged a chuir iad fios gu Comhairle na Gàidhealtachd mu na tha san amharc aca.
Tha dùil gum bidh buill de chomataidh dealbhachadh a' chinn a deas a' beachdachadh air a' mholadh aca aig coinneimh an ath-sheachdain.