Luaidh ga dhèanamh air Calum 'Steallag' MacLeòid

  • Air fhoillseachadh
Calum Stealag MacLeòidTùs an deilbh, Calum Aonghas MacAoidh

Tha fear a bha ainmeil ann an Leòdhas airson obair ghobhadaireachd thraidiseanta air bàsachadh.

Bha Calum 'Steallag' MacLeòid 84 bliadhna de dh'aois agus bha e air a bhith ag obrachadh gu bho chionn glè ghoirid.

Bha athair agus seanair Chaluim nan gobhachan agus chum esan a' dol obair an teaghlaich.

Chan ann a-mhàin airson cho sgileil sa bha e mar fhear-chiùird a choisinn e cliù ach cuideachd airson a chuid sheanachais.

'S iomadh duine a bhuain mòine le tairsgeir a rinn e aig a' cheàrdaich aige ann an Steòrnabhagh.

Tairsgeir

A' bruidhinn ri Gazette Steòrnabhaigh ann an 2008 bha e a' cuimhneachadh air na làithean far am biodh e fhèin agus athair a' dèanamh an t-uabhas de na h-innealan.

"B' àbhaist dhuinn a bhith a' dèanamh mu 100 sa bhliadhna. Tha cuimhne agam gur e 150 an àireamh a bu mhotha a rinn mi ann an aon bhliadhna - bha prìs na h-ola air a dhol an-àirde."

Bha Niall MacLeòid, a bha os cionn companaidh einnseinìridh ann an Steòrnabhagh fad iomadach bliadhna, am measg an iomadach duine a chuir eòlas air Calum.

"S iomadh gobha a dh'obraich mise còmhla riutha ach chanainn gu robh Calum cho math agus a choinnich mi ris.

"'S e a rud a b'fheàrr le Calum a dhèanamh 's e rud a bh'air failleachadh air cuideigin eile, bha e ag èirigh ri sin agus abair e gun dèanadh e," thuirt e.

Tha e a' fàgail Màiri, a bhean, a mhac Iain Murchadh agus a nighean, Kathleen.

Bidh tiodhlaigeadh Chaluim ann feasgar Dihaoine ann an Steòrnabhagh.