Goireas ùr taice aig Ionad Spòrs Leòdhais
- Air fhoillseachadh

Grafaigs a chaidh a chruthachadh airson sealltainn do dhaoine cò ris a tha Ionad Spòrs Leòdhais coltach.
Gheibh daoine a tha le feumalachdan taice a bharrachd cothrom air eòlas a chur air Ionad Spòrs Leòdhais tro iomairt ùir a tha a' cleachdadh teicneòlais ioma-mheadhanaich.
'S e Comhairle nan Eilean Siar a th' air cùlaibh a' phròiseict, a tha ag amas air a dhèanamh nas comhfhurtaile do dhaoine le leithid de dh'fheumalachdan a bhith a' cleachdadh a' ghoireis.
Tha a' Chomhairle ag obair còmhla ris an roinn Ioma-Mheadhanaich aca fhèin, airson am pròiseact seo a chur air adhart.
Chruthaich iad modal 3D phiosaigeach de dh'Ionad Spòrs Leòdhais ann an Steòrnabhagh, a thèid a chleachdadh an cois ghoireasan grafaigeach 2D, le luchd-obrach an ionaid, luchd-cùraim agus luchd-obrach taice, airson cuideachadh a thoirt do dhaoine eòlas a chur air an togalach gu lèir.
Faodaidh tidsearan agus luchd-obrach slàinte a-niste bòrd-sgeòil a cruthachadh, leis an innis iad do dhaoine òga le feumalachdan taice a bharrachd mu Ionad Spòrs Leòdhais mus tadhail iad air airson a' chiad uair.
Gheibhear an goireas ann an riochd cruaidh aig ionad fàilteachaidh an Ionaid Spòrs, agus ann an riochd didseatach air làrach-lìn na Comhairle.