Naidheachdan 11:00m
Eaconomaidh
Thàinig crìonadh nas motha na bha dùil air eaconomaidh Bhreatainn sna trì mìosan eadar an Giblean agus an t-Òg-mhios. Tha na figearan 's ùire ag ràdh gu robh lùghdachadh 0.2% ann. Bha fàs 0.5% ann air na mìosan ron sin. Tha dragh air na buidhnean ionmhais gum bi crìonadh oifigeil ann le mì-chinnt mu Bhrexit. 'S e sia mìosan ann an sreath de lùghdachadh an tomhas air crìonadh technigeach.
Tha dotairean ag ràdh nach uilear NHS na h-Alba trì bilean not a bharrachd gach bliadhna airson a toirt chun na h-aon ìre ri seirbheisean slàinte ann an dùthchannan eile an Aonaidh Eòrpaich. Chuir meur Alba de Chomann Mheidigeach na h-Alba fichead moladh air adhart a bheireadh, tha iad ag ràdh, an dreach a bu chòir air cùram agus slàinte stèidhichte air na h-ospadail. Tha an Comann ag ràdh gur e cion airgid as coireach nach eil an NHS ag amas air targaidean, gu bheil cion luchd-obrach agus dìth mhisneachd am measg an luchd-obrach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum beachdaich iad gu cùramach air na tha san aithisg.
Sgrìobh Jeremy Corbyn gu àrd sheirbhiseach chatharra na dùthcha, ag iarraidh riaghladh bhuaithe nach fhaod Boris Johnson a dhol air adhart le Brexit gun aonta aig àm iomairt 'son taghadh choitcheann. Tha dragh air ceannard nan Làbarach, ged a chailleadh am Prìomhaire bhòt cion-earbsa ann às an tigeadh taghadh coitcheann, gun toir e Breatainn a-mach às an Aonadh Eòrpach mas bi taghadh ann.
Tha ceudan dhaoine air cruinneachadh aig Port Adhair Hong Kong far a bheil dùil ri deireadh-sheachdainn eile de chaismeachd agus togail fianais airson deamocrasaidh. Tha iad a' giùlain bhratach a' càineadh ùghdarrasan Hong Kong agus dol-a-mach polais na sgìre.
Tha polais ann am Malaysia a' leudachadh an rannsachaidh airson nighinn à Breatainn a chaidh a dhìth an sin air an deireadh-sheachdainn 'sa chaidh. Tha teaghlach Nora Quoirin, a tha 15, ag ràdh gu bheil iad gu math nas dòchasaiche oir gu bheil na polais ag aideachadh a-nis gur dòcha gun deach falbh leatha an aghaidh a toil.