Naidheachdan 11:00m
Hong Kong
Chaidh itealain air fad a-mach agus a-steach à Port-adhair Hong Kong a chur dheth son an còrr den là ri linn iomairtean mòra an aghaidh an Riaghaltais. Thuirt ùghdarrasan a' phuirt-adhair gum faigh itealain a tha mar-thà air an t-slighe gu Hong Kong air laighe. Tha na mìltean de luchd-iomairt air cruinneachadh aig a' phort-adhair a th'air aon den fheadhainn as trainge san t-saoghal.
Aiseagan
Chaidh dearbhadh gu bheil Riaghaltas na h-Alba deiseil is deònach gus Gàradh Shoithichean MhicFhearghais a thoirt os làimh. Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Derek MacAoidh gu bheil an Riaghaltas a' beachdachadh air a leithid gus nach tèid an gàrradh a dhùnadh buileach glan, agus gus an tèid obair air dà bhàt-aiseag a tha gan togail an sin do ChalMac air adhart. Thàinig fios aig deireadh na seachdain gun robh an gàrradh an ìmpis a dhol ann an rianachd.
Deugaire a dhìth
Chaidh còrr is £100,000 a chruinneachadh airson iomairt a tha a' lorg deugaire à Breatainn a tha a dhìth ann am Malaysia. Tha Buidheann Nàiseanta na h-Eucoir agus Poilis a Mhet a' cumail taic ris an iomairt cuideachd. Tha Nora Quoirin còig bliadhna deug, agus tha i a' fulaing le trioblaidean ionnsachaidh. Chaidh i dhìth na bu tràithe air a' mhìos fhad's a bha i air làithean-saora le a pàrantan.
Cystic Fibrosis
Cluinnidh euslaintich le cystic fibrosis feasgar an tèid dà leigheas a thoirt seachad tron t-seirbhis slàinte an Alba. Innsidh Co-bhanntachd Chungaidhean-leigheis na h-Alba an toir iad cead cleachdaidh don dà leigheis Orkambi agus Symkevi.
Caibineat boireann?
Tha am ball Uaineach, Caroline Lucas, air cuireadh a’ thoirt do dheichnear bhall boireann bhon a h-uile pàrtaidh, gus caibineat-èiginnich a chuir air dòigh gus Brexit gun aonta a stad. Thuirt i gur e an t-amas a bh’ aca, bhòt cion-earbsa anns a' Phrìomhaire a ghairm, agus an uairsin riaghaltas a' stèidheachadh a chumadh bhòt eile air Brexit.
Cearcan-fraoich
Tha am pàrtaidh Làbarach aig iarraidh ath-sgrùdadh a dhèanamh air a bhith a' losgadh chearcan-fraoich (coileachan-ruadh) ag ràdh gu bheil e a dèanamh cron air an àrainneachd. Thòisich an seusan airson a bhith a losgadh air na h-eòin an-diugh agus sealgairean a' dèanamh air na monaidhean an Alba agus ceann a tuath Shasainn.