Obair creige air seach-rathad an t-Sròim a' tòiseachadh san t-Sultain
- Air fhoillseachadh

Dh'fhosgail an seach-rathad ann an 1970 agus tha e air a bhith dùinte iomadach turas le maoimtean-slèibhe a' tuiteam sìos air.
Tòisichidh obair a-rithist air a' chreig os cionn seach-rathad an t-Sròim air an 9mh den t-Sultain.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd cùmhnant seachad airson na h-obrach gu Geo-Rope Ltd airson lìn a chur tarsainn cuid de na leacan as miosa os cionn an rathaid.
Bidh an obair a' dol air adhart chun an 3mh den t-Samhain, agus tron ùine sin, thèid an rathad a dhùnadh tron oidhche eadar Àird Arbha agus siar air Atadal.
Gheibh trafaig troimhe tron latha, ach bi maill air draibhearan.
Dh'fhosgail an rathad ann an 1970
Feumar an rathad a dhùnadh gu tur do charbadan, luchd-baidhseagal, agus luchd-coiseachd air an deireadh sheachdain, 14/15mh den t-Sultain agus iad an dùil obair mhòr a dhèanamh air a' chreig.
Cosgaidh an obair seo £800,000 agus thuirt àrd innleadair Comhairle na Gàidhealtachd, Garry Mac a' Ghobhainn, gu bheil an obair riatanach airson sàbhailteachd luchd-siubhail, agus tha'd an dòchas nach bi cus maill air daoine.
Tha an A890 air a bhith dùinte iomadach turas thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad, le maoimtean-slèibhe a' tuiteam air an rathad mhòr.