Dùil ri co-dhùnadh mu Ghàrradh MhicFhearghais
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tèid Gàrradh Shoitheachain MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu a chur ann an rianachd Diardaoin.
'S e Riaghaltas na h-Alba a tha an dùil an gàrradh a ghabhail thairis, le luchd-lagha agus comharlaichean ionmhais ag obair air aonta a bheir sin gu buil, agus a bheir cothrom don luchd-obrach dà bhàt-aiseisg a thogail airson a' chosta an iar.
Chan eil an t-aonta dearbhte fhathast, ach a rèir aithris chan eil e fad às.
Bheir seo gu ceann bliadhnaichean de dh'eas-aonta mun chùmhnant luach cha mhòr £100m airson an dà bhàt-aiseig a thogail airson lìonra ChalMac - eas-aonta mu cò a bu choireach airson an dàil anns an obair agus cò a bu chòir cosgaisean a bha ag èirigh gun stad a phàigheadh.
Luach
Ma thèid seo air adhart, tha a h-uile coltas ann gum faic Jim McColl, a shàbhail an gàrradh bho chionn còig bliadhna, a' chompanaidh aige Ferguson Marine Engineering a' dol à bith.
Gluasaidh a' chompanaidh rianachd KPMG gach rud le luach chun an Riaghaltais.
Fhuair an Riaghaltas taic Diciadain bho bhuill air Comataidh an Ionmhais ann an Holyrood airson an gàrradh a ghabhail os làimh.
Nuair a thachras sin bidh e an urra ri Rùnaire na h-Eaconamaidh, Derek MacAoidh, obrachadh a-mach ciamar a thèid ath-thòiseachadh air an obair airson an dà bhàt-aiseig, a tha mar thà bliadhnaichean air dheireadh, a thogail.