Gàrradh MhicFhearghais fo smachd na stàite
Tha Gàrradh Shoithichean MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu a-nis fo smachd Riaghaltas na h-Alba.
Ann an aonta le luchd-rianachd, bidh e air a ruith leis an stàit fad ceithir seachdainnean, agus mura tèid companaidh phrìobhaideach a lorg san ùine sin, thèid e fo shealbh na stàite gu formeil.
Chan eil cinnt fhathast dè na chosgas an dà bhàt'-aiseig a thathas a' togail sa ghàrradh, neo cuin a thèid an cuir ann an seirbheis.
Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn Darren Linc.