Ùidh ann am murt eachdraidheil Bheinn nam Fadhla

Tha taisbeanadh ann an Dùn Èideann an-dràsta mu eucoirich a bh' air an cumail ann am Prìosan Pheairt san naoidheamh linn deug ann an ceàrnaidh sònraichte dhan togalach do dhaoine a rinn eucoir ri linn droch shlàinte inntinn.

Am measg na tha san taisbeanadh, tha sgeulachd Aonghais Mhic a' Phì à Beinn a' Bhaghla.

Bha esan fo ghrèim an dèidh dha triùir bhon teaghlach aige fhèin a mharbhadh.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.