Neach a chaidh a mharbhadh ann an tubaist air Ghàidhealtachd air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Thachair an tubaist air an A830 mu 12.45f.
Chaidh an neach a chaidh a mharbhadh ann an tubaist rathaid eadar an Gearasdan agus Malaig feasgar Diluain ainmeachadh mar Matthew Duncan, às a' Ghearasdain.
Chaidh an rathad, an A830, a dhùnadh mu 4 mìle chun an iar air a' Ghearasdan, air taobh tuath Loch Iall.
Bha Mgr Duncan, a bha 23 bliadhna a dh'aois, a' draibheadh carbad Audi RS3 dearg.
Bha còignear eile air an goirteachadh san tubaist agus chaidh aon duine aca a thoirt le heileacoptair do dh'Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Chaidh an ceathrar eile a thoirt do dh'Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearsadan, s tha dùil nach eil am beatha ann an cunnart.
Heileacoptair
Thàinig ceithir caraban còmhla san tubaist aig an Fhasadh Feàrna mu cheithear mìle gu siar air a'Ghearasdan mu 12:45f.
Chaidh ceithir carabadan eiridinn agus dà heileacoptair a ghairm.
Bha an rathad dùinte gu 23.10 oidhche luain.
Tha Poileas Alba airson is gun tig duine sam bith a chunnaic an tubaist neo na càraichean ron an tubaist thuca, gu h-àraid ma tha bhidio dashcam aca.