Ionad puist ùr an Inbhir Nis

Ma tha sibh air a bhith ann an Inbhir Nis sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, bhiodh sibh air fhaicinn gun deach na h-uimhir de thaighean ùra a thogail air feadh a' bhaile.

Agus le taighean ùra, tha codan-puist ùra a dhìth cuideachd.

Tha am Posta Rìoghail air goireas ùr a thogail ann an Inbhir Nis fhèin, aig a bheil an comas an leithid a chruthachadh.

Fhuair an tè-naidheachd againne, Shona Nic a' Phiocar, sealladh air an togalach ùr.