Fireannach a fhuaireadh sa mhuir air bàsachadh

  • Air fhoillseachadh

Chaochail fireannach a bha air fhaighinn sa mhuir far Èirisgeigh feasgar Dimàirt.

Dhearbh na Poilis gun robh am fireannach aois 37, ach cha deach ainmeachadh gu h-oifigeil fhathast.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 3:40f, 's bha sgiobaidhean ionadail nam Maor-Cladaich, agus heileacoptair teasairginn Steòrnabhaigh air an gairm chun na sgìre - ged nach robh an heileacoptair a dhìth air a' cheann thall.