Naidheachdan 11:00m

Dhùin a' bheàrn ann an cosgaisean poblach na h-Alba mu £1.2bn air a' bhliadhna a chaidh seachad a rèir àireamhan riaghaltas na h-Alba. Tha aithisg GERS an Riaghaltais ag ràdh gun deach còrr is £2.5bn a bharrachd a chosg na chaidh a thogail ann an cìsean. Ach tha a' bheàrn sin cha mhòr £1bn nas lugha na an tomhas a bh' ann airson na bliadhna ron sin.

Dhearbh Sìona gu bheil fear bho chonsalachd Bhreatainn ann an Hong Kong an greim aca. Cha tàinig guth bho Simon Cheng, a tha 28 bliadhna de dh'aois, 's a tha ag obair do roinn leasachaidh eadar-nàiseanta na h-Alba sa chonsalachd, bhon 8mh là den mhìos seo nuair a chaidh e gu coinneimh air mòr-thìr Shìona. Thuirt Sìona gun deach a chur an greim airson gun do bhris e riaghailtean tèarainteachd. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil Ambasaid Bhreatainn ann an Hong Kong a' toirt taice do theaghlach Mhgr Cheng.

Nì Boris Johnson oidhirp air aonta dealachaidh Bhrexit atharrachadh nuair a choinnicheas e ri Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, ann am Berlin an-diugh. 'S e an cnap-starra as motha cùl-stad na h-Èireann, a chumadh Breatainn fhathast ann an aonadh cuspainn an ìre mhath, agus a sheachnadh crìoch chruaidh eadar Èirinn a Tuath agus a' Phoblachd.

Sgrìobh Comhairle nan Eilean Siar dhan Riaghaltas agus dragh orra mun fharpais airson taic-airgid eadar pròiseactan chumhachd ath-nuadhachail san sgìre acasan agus ann an Sealtainn. Tha dragh air a' Chomhairle gum biodh sgeamaichean ann an Sealtainn a tha fo shealbh SSE air thoiseach orrasan seach gu bheil SSE cuideachd an sàs ann an leasachadh a' chàbaill dealain eadar Sealtainn is Tìr-Mòr. Tha a' Chomhairle den bheachd gum fàgadh sin càball Shealtainn nas saoire na càball dha na h-Eileanan Siar 's gun toireadh e adhartas dhaibh sa mhargaidh.

Tha Ryanair a' dol gu cùirt an-diugh a dh'fheuchainn ri stad a chur air feadhainn de na pìleatan bho dhol air stailc. Tha plana ann airson stailce am measg phìleatan ann am Breatainn agus ann an Èirinn a-màireach agus an earar.