Iarrtas air airgead mu choinneamh sgoil ùr an Ath Leathainn
- Air fhoillseachadh

Tha dragh agus gearain air a bhith ann bho chionn fhada mu staid Sgoil an Ath Leathainn, agus mun bhuaidh a tha e a' toirt air slàinte nan sgoilearan.
Thèid iarraidh air buill Chomhairle na Gàidhealtachd Diardaoin airgead iarraidh bho Riaghaltas na h-Alba 'son bunsgoil ùr a thogail anns an Ath Leathann san Eilean Sgitheanach.
Bidh coinneamh shònraichte aca a thaobh tagraidh do Phrògram nan Sgoiltean Ùra aig Riaghaltas na h-Alba, agus sgoil ùr ann am Baile Dhùthaich aig mullach na liosta aca.
Tha dragh agus gearain air a bhith ann bho chionn fhada mu staid Sgoil an Ath Leathainn, agus mun bhuaidh a tha e a' toirt air slàinte nan sgoilearan.
Thuirt ball na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbheis, gu bheil i an dochas gum bi sgoil ùr an sin an ceann dà bhliadhna.