App ùr ag amas air stad a chur air tinneas Lyme a sgapadh
- Air fhoillseachadh

'S e trioblaid a tha anns na gartain do dhaoine air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean leis cho pailte 's a tha iad anns na sgìrean sin.
Thèid app ùr a chur air bhog ann an Inbhir Nis Diardaoin a tha ag amas air stad a chur air mar a tha an tinneas Lyme a' sìor sgapadh.
Bidh an tinneas a tha a' tighinn bho ghrèim ghartain a' toirt buaidh air mu 3000 duine san Rìoghachd Aonaichte gach bliadhna.
'S e trioblaid a tha anns na gartain do dhaoine air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean leis cho pailte 's a tha iad anns na sgìrean sin.
Agus ma gheibhear grèim bho bhiastag air a bheil an galar, tha e buailteach droch bhuaidh a thoirt air daoine mura faighear leigheas air a shon.
Tha an app ùr seo 'Lyme App' a' cleachdadh fiosrachaidh bho shaideal a chlàras far an deach gartain a lorg is far a bheil cùisean de thinneas Lyme air nochdadh.
Tha an app cuideachd a' togail fiosrachaidh bho ionad obair-lann an Inbhir-Nis a tha a' dèiligeadh leis a' ghalair a bharrachd air dotairean teaghlaich agus iadsan a tha air an galar fhaighinn mar-thà.
Tha cothrom ann cuideachd do dhaoine innse far an do thog iad fhèin greim gartan no far am faca iad sgeul orra.