Droch thubaist motor-baighseagail air an A830
- Air fhoillseachadh
Chaidh triùir fhear-motar-baidhseagail a ghoirteachadh ann an tubaist air an rathad eadar an Gearasdan agus Malaig.
Thachair e mu thrì uairean feasgar Didòmhnaich faisg air Loch Ailleart.
Chaidh duine, 60 bliadhna a de dh'aois, a thoirt le heileacoptair gu ospadal ann an Glaschu agus e air a dhroch leòn.
Cha deach an dithis eile a ghoirteachadh gu dona.
Tha Poileas Alba airson bruidhinn ri daoine a chunnaic na thachair, neo aig a bheil dealbhan dash-cam.
Thachair seo beagan làithean às dèidh do Mhata Duncan, a bha 23 bliadhna a dh'aois, bàsachadh air an A830 nuair a bha an carabad aigesan agus ceithir carbadan eile an sàs ann an tubaist faisg air an Fhasadh.