Planaichean do thuathanas-èisg faisg air Canaidh

  • Air fhoillseachadh
Canaidh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba, leis a bheil Canaidh, mar-thà air innse gu bheil iad a' cur an aghaidh an leasachaidh.

Tha muinntir Chanaidh ag ràdh nach bruidhinn iad ris na meadhanan fhad 's a tha iad a' co-dhùnadh an cuir iad taic ri tuathanas èisg faisg air an eilean.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba mar-thà air cur an aghaidh an leasachaidh.

'S e a' chompanaidh Mowi a tha air na planaichean a chur air adhart.

Bhiodh 8 cèidsichean san tuathanas èisg, nas motha na gin eile san Rìoghachd Aonaichte.

Nas tràithe air a' mhìos, dh'innis Urras Nàiseanta na h-Alba, leis a bheil Canaidh, gu bheil iad a' cur an aghaidh an leasachaidh.

Cunnartan

Thuirt iad gum biodh grunn chunnartan ann dhan àrainneachd, is gum faodadh na planaichean cur às do rudan a tha a' fàgail gu bheil Canaidh cho sònraichte.

Thuirt Mowi gu bheil co-dhùnadh an urrais na bhristeadh-dùil agus thuirt iad gun obraich iad le Urras Leasachaidh Chanaidh gus plana seasmhach a thoirt air adhart.

A' bruidhinn às leth na coimhearsnachd ann an Canaidh, thuirt Peadar Holden gu bheil iad feumach air ùine airson na planaichean agus a' bhuaidh air an eilean a dheasbad.

Thuirt e nach eil iad airson bruidhinn gu poblach fhad 's a tha sin a' dol air adhart.