Casaidean burraidheachd mu phort-fànais Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Am planaTùs an deilbh, Spaceport 1
Fo-thiotal an deilbh,

Tha còrr is 500 neach air cur an aghaidh a' chead dealbhachaidh 'son port-fànais ann an Uibhist a Tuath.

Tha casaidean ann gu bheil maoidheadh agus burraidheachd a' dol air adhart an aghaidh feadhainn nach eil ag iarraidh port-fànais ann an Uibhist a Tuath.

Tha buidheann, air a bheil Buidheann Ghlèidhteachais Uibhist a Tuath, ag ràdh gu bheil an t-eagal air daoine bruidhinn a-mach gu poblach na aghaidh.

Ach tha ceistean ann cuideachd a thaobh cò direach a tha anns a' bhuidhinn seo agus iomairt air an eadar-lìon ag amas air stad a chur air na planachan 'son port-fànais.

Buidheann Ghlèiteachais Uibhist a Tuath, Sàbhail Scolpaig agus Sealladh Uabhasach na Rocaidean - sin làraichean-lìn agus cunntasan mheadhanan sòisealta a tha ag iomairt gu làidir an aghaidh leasachadh port-fànais ann an Uibhist a Tuath.

Obraichean

Ach, co a th' air cùlaibh na h-iomairt?

Sin a' cheist a thog Raghnall MacAonghais às a' Bhaile Shear.

"Chuir mi brath do 'Shàbhail Scolpaig' fhèin, ceist dhìreach - cò sibhse?

"Cha d'fhuair mi freagairt, ach fhuair mi freagairt bho chuideigin eile a bha a' faighneachd dè an gnothach a bha agamsa a bhith air an làraich a tha seo.

"Tha mise de theaghlach mòr a seo 's tha an t-uabhas oghaichean agam is iar-oghaichean, tha mi airson 's gum fuirich iad anns an àite 's gum faigh iad obraichean an seo.

"Ma thig eadhan còig obraichean a dh'Uibhist a Tuath air sàilleabh a' phuirt-fhànais a tha seo, uill nach e rud math a bhiodh ann?", dh'fhaighnich e.

'S ann air aithris a chaidh a chur air an duilleig 'Sàbhail Scolpaig', le beachd gum biodh co dhiù dà rocaid gach seachdain ga losgadh às Scolpaig, a thog grunn dhaoine a tha a' fuireach anns a' choimhearsnachd a' cheist - cò a th' air cùlaibh na h-iomairt.

Cha d'fhuaireas freagairt bhon duilleig fhèin.

Guth poblach

Ach ann am beachd Raghnaill MhicAonghais, tha dleastanas air duine sam bith a tha a' togail an guth gu poblach, innse co iad.

"Tha mi smaoineachadh gu bheil còir aig duine sam bith a tha a' bruidhinn a-mach gu poblach innse cò iad gus am faigh daoine air ceistean a chur orra.

"Tha iad ag iarraidh nam beachdan againne, 's tha fios aca cò a th' annainn - ach chan eil sian a dh'fhios againn cò a tha anntasan", thuirt e.

Cha robh ach dithis air cur an aghaidh a' chead dealbhachaidh nuair a thòisich an iomairt seo.

An ceann seachdain às dèidh sin, bha còrr air 100 neach air cur na aghaidh, agus a-nis tha an àireamh sin air a dhol thairis gu mòr air 500 duine.

Chuir BBC Radio nan Gàidheal ceist air a' bhuidhinn air a' mhìos sa chaidh, agus an t-seachdain seo a-rithist, a' faighneachd cò iad.

Burraidheachd

Feasgar Diluain, thàinig freagairt bho thè 'Helen', a' bruidhinn as leth na buidhne.

Gheibhear teacsa na litreach an seo.

Thuirt i gu bheil iomagain air a' bhuidhinn a thaobh aithrisean de bhurraidheachd agus maoidheadh ann an Uibhist a Tuath an aghaidh dhaoine a tha a' cur an aghaidh an leasachaidh.

Thuirt i gu bheil seo a' cur bacadh air daoine a bhith deònach bruidhinn a-mach gu poblach agus gur e sin 's docha is coireach nach eil eileanaich anns a' bhuidhinn airson an ainmeachadh.

Mhìnich i cuideachd gun e sin 's docha a tha a' fàgail gur e glè bheag dhiubh a tha air sgrìobhadh gu h-oifigeil an aghaidh a' chead dealbhachaidh.

Tha Helen ag ràdh gu bheil grunn bhall aig Buidhinn Ghlèiteachais Uibhist a Tuath, le cuid mhath dhiubh a' fuireach air an eilean.

Thuirt i gu bheil iad duilich nach do fhreagair iad ron a seo, ach gu bheil cliù aig luchd-naidheachd a bhith taobhach.

Cuideachd, thuirt i gu bheil dòighean conaltraidh air atharrachadh agus nach eil e cho cudromach do luchd-iomairt a bhith a' bruidhinn ri luchd-naidheachd a-nis.

Tha Poilis na h-Alba ag ràdh nach tàinig gearainean sam bith thuca co-cheangailte ris a' phort-fànais aig an àm seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo