Làrach cho-roinnte airson sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann?
Tha dragh air cuid de phàrantan ann an Dùn Èideann, a tha ag iarraidh àrd-sgoil Ghàidhlig ùir, gur ann air an aon làraich ri sgoil Bheurla a dh'fhaodadh i a bhith.
Aig coinneimh oidhche Luain le comhairle a' bhaile chuala iad gur e sin as coltaiche maoineachadh fhaighinn.
Chaidh innse dhaibh gur e dà sgoil fa-leth a bhiodh ann air làraich sam bith.
Seo Ruairidh MacÌomhair.