Sgoil ùr ga fosgladh
'S e là mòr a bh' ann an Sròn an t-Sìthein Dimàirt 's a' bhun-sgoil ùr ga fosgladh gu h-oifigeil.
Thog a' choimhearsnachd fhèin an t-airgead airson an togalaich às dèidh dhaibh cur an aghaidh phlanaichean Comhairle na Gàidhealtachd airson na sgoile a bh' ann.
Bha an Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, ann an Sròn an t-Sìthein airson an togalach fhosgladh.
Seo Seonaidh MacCoinnich.