Dragh mu fhoill le àitean-fuirich
Chaidh iarraidh air daoine a tha a' cleachdadh làraich-lìn airson àiteachan-fuirich saor-làithean a chur air dòigh a bhith cinnteach nach eil iad a' coimhead air duileagan fuadain air na làraich.
Nochd ceathrar aig taigh ann an Geàrrloch an t-seachdain a chaidh.
Bha dùil aca gun robh iad air àite a chur air doigh le AirB&B. Ach cha robh. 'S e a bh'ann ach scam.
Tha Magaidh NicFhionghain ag aithris.