Madaidhean-uisge an abhainn eile

  • Air fhoillseachadh
Madadh-uisge

Chaidh madaidhean-uisge (feusgain neamhnaid) a th' ann an cunnart a dhol à bith - a lorg ann an abhainn air a' Ghàidhealtachd far nach robh fios gun robh iad ann.

Chaidh am faighinn mar phàirt de dh'iomairt gus àiteachan freagarrach a lorg airson na madaidhean-uisge a chur air ais.

Tha Uisge Spè am measg nan aibhnichean as làidire a thaobh a' mhadaidh uisge a tha air fhàgail - ach tha àireamhan air a bhith a' crìonadh.

Tha truailleadh air buaidh a thoirt orra, is tha oidhirp a' dol dìon a chur orra le aibhnichean a ghlanadh.

A-nise, mar phàirt de dh'iomairt gus àiteachan a lorg far an gabhadh iad tilleadh, chaidh feadhainn a lorg ann an abhainn a tha a' sruthadh a-steach a dh'Uisge Spè - agus feadhainn òga nam measg.

Tha ainm na h-aibhne ga chumail dìomhair gus nach tèid creach a dhèanamh orra airson neamhnaidhean - fear de na h-adhbharan a tha am madadh-uisge a-nise cho gann.

Bha uair a bhiodh luchd-taisteil a' togail mhadaidhean-uisge airson nan neamhnaidean a tha nam broinn, a tha gu math luachmhor.

Chaidh casg a chur air a bhith gan togail ge-tà, agus mòran daoine air tòiseachadh gan togail, agus càraichean a' toirt cothrom do dhaoine astairean fada a shiubhal air an tòir.