Dachaigh Cùraim an Earra-Ghàidheal ri dùnadh
- Air fhoillseachadh

Dùinidh dachaigh cùraim Invereck faisg air Dùn Omhain aig deireadh na bliadhna.
'S ann leis a' bhuidhinn Crossreach aig Eaglais na h-Alba a tha Dachaigh Inverek a bhios a' gabhail daoine a tha a' fulaing le Dementia.
Thuirt Viv Dickinson, Àrd-Oifigeach Chrossreach, gun robh iad air beachdachadh air seo ann an doimhneachd agus gun robh iad duillich mu dheidhinn.
"'S e as coireach mar a tha a' bhuidheann a bhios a' coimhead às dèidh slàinte is obair shòisealta san sgìre, an HSCP, a-nise airson gum faigh barrachd dhaoine an taic a tha a dhìth orra sna dachaighean aca fhèin," thuirt i.
Làn
Nochd i beachd cuideachd gu bheil cus àiteachan cùraim ann an Rubha na Còmhghaill, agus nach robh Inverek an-còmhnaidh cho làn 's a bu mhiann leotha.
"Tha e air a bhith doirbh dhuinn luchd-obrach làn-ùine fhastadh agus tha fiachan mòra oirnn air a shàilleibh agus againn ri luchd-obrach a thoirt a-steach bho bhuidhnean eile," thuirt i.
Tha 28 leabaidh ann an Inverek agus 21 duine a' fuireach ann an-dràsta.
Bha màthair Seonaid Holm, a tha air comhairle coimhearsnachd san sgìre, a' fuireach ann an Inverek bho chionn dà bhliadhna gus an do bhàsaich i.
Thuirt ise gun robh deagh chùram air a bhith aice an sin, agus gun robh i fìor dhuilich gun robh e gus dùnadh.
Gainead
"Tha barrachd dhaoine a' faotainn cùraim san dachaigh, ach tha suidheachaidhean ann far nach eil sin freagarrach," thuirt i.
Cuideachd am beachd comhairliche coimhearsnachd eile san sgìre, Coinneach MacMhathain, 's e suidheachadh èiginneach a bh' ann a thaobh cùraim.
"Tha gainead luchd-cùraim san dachaigh ann cuideachd," thuirt Mgr MacMhathain.
Thuirt Crossreach gun robh iad ag obair gu dlùth leis an HSCP agus le teaghlaichean an luchd-còmhnaidh gus àiteachan freagarrach a lorg dhaibh.
Feumalachdan
Ach cha bhi a h-uile dachaigh cùraim san sgìre a' gabhail daoine le Dementia air sgàth nam feumalachdan sònraichte a th' aca.
"Chan eil ach 12 àite air fhaghail anns na dachaighean cùraim eile, agus cha ghabh a h-uile fear dhiubh sin daoine le dementia," thuirt Mgr MacMhathain.
"Mar sin cha bhi e furasta àite freagarrach a lorg dhan 21 duine," thuirt e.
'S e seo an dàrna dachaigh cùraim aig Crossreach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a dhùineas. Dhùnadh Auchinlee ann an Ceann Loch Chille Chiarain an-uiridh.