Naidheachdan 11:00m
Dhiùlt Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann bacadh eadar-amail a chur air plana Bhoris Johnson airson a' Phàrlamaid a chur ma sgaoil. Tha buidheann de chòrr is 70 Buill-Phàrlamaid agus Mhorairean ag iarraidh stad air plana Mhgr Johnson, agus tha dùil ri làn-èisteachd air a' chùis Dimàirt seo tighinn. Tha tagraidhean den aon sheòrsa a' dol air adhart anns a' Chuimrigh agus ann an Èirinn a Tuath.
Thuirt ministearan cèine an Aonaidh Eòrpaich a tha a' coinneachadh ann an Helsinki nach tàinig Breatainn air adhart fhathast le molaidhean ciallach a bheireadh atharrachadh sam bith air aonta Bhrexit.
Ghlèidh na Libearalaich-Dheamocratach fo-thaghadh Shealtainn airson Pàrlamaid na h-Alba. Bidh Beatrice Wishart a' gabhail àite Tavish Scott, a chuir bhuaithe an dreuchd na bu thràithe am-bliadhna. Chaidh còrr is leth a ghearradh ge-tà, far mòr-chuid nan Lib-Deamach, le gluasad 14% dhan SNP a bha san dàrna àite.
Bidh togail-fianais eile air taobh dheamocrasaidh ann an Hong Kong air an deireadh-sheachdain seo, an dèidh fad trì mìosan de dh'iomairt an aghaidh a' phlana fo am biodh e na b' fhasa muinntir Hong Kong a chur gu cùirt air Mòr-Thìr Shìona. Chuir poilis ann an Hong Kong triùir eile den luchd-iomairt an grèim an-raoir.
Tha dùil ri fiosrachadh bho Chomhairle Fìobha an-diugh mu phlana do chloinn-sgoile bho Àrd-Sgoil Woodmill ann an Dùn Phàrlain a chaidh a dhroch mhilleadh le teine air an deireadh-sheachdain. Thug sin buaidh air 1,400 sgoilear. Tillidh clann na còigeamh agus siathamh bliadhna den sgoil Diluain, agus tha e coltach gun tèid an còrr a roinn air feadh sgoiltean eile ann am Fìobha.
Tha e coltach gum bi UEFA a' rannsachadh àimhreit aig geama Celtic ann an Lìog Europa an-raoir an aghaidh AIK ann an Stockholm. Chaidh poilis le bataichean gu ceann na pàirce far an robh luchd-taic Celtic. Thuirt Celtic gu bheil iad fhèin a' rannsachadh na cùise agus gur aithne dhaibh gun robh luchd-taic Suaineach sa phàirt den stèidiam a chaidh a chur air leth do Celtic.
Agus chaidh stad airson ùine ghoirid air a' gheama aig Rangers an aghaidh Leggia Warsaw, aig Ibrox, agus ceò air feadh an stèidiam, le lasraichean aig ceann na pàirce san robh luchd-taice Leggia.