Muileann Chlò MhicCoinnich ga toirt seachad mar thìodhlac
- Air fhoillseachadh

Tha Maighstear Lockerby air a bhith na mhanaidsear aig Muileann Chlò MhicCoinnich fad grunn bhliadhnaichean.
Thuirt am fear ùr leis a bheil Muileann Chlò MhicCoinnich ann an Steòrnabhagh gun dèan e a h-uile oidhirp as urrainn dha airson an gnìomhachas a thoirt air adhart.
Tha Brian Haggas, leis an robh a' mhuileann, air a fàgail aig Ailig Lockerby, a tha air a bhith na mhanaidsear ann fad grunn bhliadhnaichean.
Tha Mgr Lockerby ag ràdh nach eil dùil aige atharrachaidhean mòra a dhèanamh.
Ach thuirt e gu bheil barrachd òigridh a thàladh dhan ghnìomhachas am measg nan amasan a th' aige.
"Chan eil tòrr a' dol a dh'atharrachadh. An aon atharrachadh a tha gu bhith ann gur ann agam fhèin a bhios am facal mu dheireadh a bharrachd air a bhith air Maighstear Haggas.
"Tha an t-uallach sin oirrne, gum feum sinn na daoine againn fhèin a thrèanadh.
"Tha daoine a' fàs aosta - na breabadairean gu h-àraid.
"Feumaidh sinn na daoine againn fhèin a thrèanadh neo bidh sinn gun chlò a reiceas sinn," thuirt e.
Tha grunn dhaoine air teachdaireachdan a chur chun na companaidh le deagh dhùrachdan.
Thuirt Maighstear Lockerby; "Tha mi gu math taingeil airson nan teachdaireachdan a tha sin.
"Nì sinn a h-uile oidhirp as urrainn dhuinn a dhèanamh 'son an gnìomhachas a tha seo a thoirt air adhart," thuirt e.