Brexit aig Fèis Leabhraichean Ìle

Shaoileadh gum faigheadh beagan fois bho Bhrexit aig Fèis Leabhraichean Ìle a bha dol tron deireadh-sheachdain.

Ach ma bha duine sam bith den bheachd sin, 's iad a fhuair bristeadh dùil!

Thug an t-ùghdar Iain Rankin agus an t-eòlaiche eachdraidh, Sir Tom Devine, iomradh air a' chuspair nan òraidean.

Bha an talla cuideachd làn ge-tà, airson òraid Steasag Anna Nicilleathain à Ceap Breatainn, agus i a' bruidhinn air a h-obair a thaobh na Gàidhlig ann an Alba Nuadh.