Swinney: Bogadh sa chànan riatanach ann am FTMG
- Air fhoillseachadh

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, gum feum Comhairle na Gàidhealtachd èisteachd ri draghan sam bith a th' aig pàrantan a tha am beachd an cuid cloinne a chur a sgoil-àraich ùr Shlèite.
'S e plana na comhairle sgoiltean-àraich Gàidhlig agus Beurla a chur còmhla san aon togalach.
Tha dragh air pàrantan ge-tà nach biodh sin na chuideachadh a thaobh Gàidhlig na cloinne.
Thuirt Mgr Swinney gu bheil bogadh sa chànan "riatanach" ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Ma tha pàrant air roghnachadh a' chlann aca a chur tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTMG) feumaidh cinnt a bhith aca gum faigh iad bogadh sa chànan. Tha e riatanach gum faigh iad sin.
"Ach ma tha dragh air pàrantan mun a seo feumar beachdachadh agus bruidhinn mu dheidhinn leis an ùghdarras ionadail gus dèanamh cinnteach gun tèid dèilgeadh riutha gu tur agus gu ceart," thuirt e.
Airgead
Thàinig e am bàrr cuideachd gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh coinneamh a chumail le Mgr Swinney gus faicinn am biodh e comasach airgead, a th' air a chur an dàrna taobh airson foghlam Gàidhlig, a chur gu feum airson sgoil ùr far am biodh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus Beurla ri fhaotainn.
Thuirt Ceannard Buidseit Chomhairle na Gàidhealtachd, Alasdair MacFhionghain: "Feumaidh sinne a' dol air adhart a bhith a' bruidhinn ris an Riaghaltas airson sgoiltean a thogail anns am bi Gàidhlig agus Beurla agus tha sin ag obrachadh ann an sgìrean comhairle eile, carson nach obraicheadh e air a' Ghàidhealtachd.
"Tha duilgheadas againn air a' Ghàidhealtachd, mar a tha fios aig a h-uile duine, a thaobh staid na sgoiltean agus feumaidh sinn bruidhinn ri Mgr Swinney gus faicinn an urrainn dhuinn togail sgoiltean mar seo," thuirt e.
Tha Mgr Swinney ag ràdh ge-tà gum feum iad a bhith gu math faiceallach a thaobh a bhith a' tighinn gu co-dhùnadh air a seo.
"Tha Stòras Maoineachadh nan Sgoiltean Gàidhlig ann airson taic a thoirt do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Chan eil mi dol a thoirt airgead seachad airson aon adhbhar gus an tèid a chleachdadh airson adhbhar eile. Bhoidh sin a' bristeadh nan riaghailtean a thaobh taic do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Dh'fheumadh an Riaghaltas beachdachadh gu mionaideach air moladh sam bith gus dearbhadh a bheil e dha-rìreabh a' coithleanadh oidhirp air a bhith a' leudachadh foghlam Gàidhlig neo bheil adhbhar eile ann," thuirt e.