Leudachadh air Stòras Bun-structair na Turasachd

  • Air fhoillseachadh
Glumagan nan SìthicheanTùs an deilbh, Richard Croft/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Tha àrdachadh ann an àireamhan luchd-turais air cuideam a chur air goireasan ann an grunn àitean.

Chaidh fàilte a chur air an naidheachd gun tèid Stòras Bun-Structair na Turasachd ann an Sgìrean Dùthchail a chumail a' dol gu 2020/21, agus gun tèid £3m a bharrachd a chur ris.

Tha an sgeama ag amas air goireasan a leasachadh ann an sgìrean dùthchail a tha a' tàladh tòrr luchd-turais.

Chaidh leudachadh na sgeama ainmeachadh ann an Prògram Riaghaltas na h-Alba airson na bliadhna ri teachd.

Thuirt ball an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gu bheil an sgeama air feum mhòr a dhèanamh anns an sgìre aicese le cha mhòr dàrna leth an £6m a bha na lùib an toiseach ga chosg an sin.

Thuirt i gu bheil an leudachadh air turasachd ann an sgìrean dùthchail air cuideam a chur air parcadh, taighean-beaga 's eile ach gu bheil an sgeama seo air cuideachadh a dhèanamh mu choinneimh sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo