Naidheachdan 11:00m
Canaidh am Priomh Mhinisteir, ann an òraid ann an Yorkshire an-diugh, gur e taghadh coitcheann an aon t-slighe air adhart do Bhrexit. Fàgaidh Boris Johnson air beingeirean aghaidh nan Làbarach gur e gealtairean a tha annta leis nach do bhòt iad airson taghadh. Tha plana Mhgr Johnson 'son Breatainn a' thoirt a-mach às an Aonadh Eorpach air an là mu dheireadh dhen Dàmhair ann an trioblaid agus dùil gum bi lagh stèidhichte aig toiseach na seachdainn sa tighinn a' cur stad air Brexit gun aonta. Thuirt Ministear Bhrexit an Riaghltais, Stephen Barclay, ma 's e dàil eile air Brexit a thèid iarraidh, nach i a mhàin Breatainn, ach a h-uile dùthaich eile san Aonadh Eòrpach, a dh'fheumas sin aontachadh. Agus tha an Àrd Chùirt ann an Lunnainn ag èisteachd ri tagradh laghail na tè-gnothaich, Gina Miller, an aghaidh dùnadh na pàrlamaid 'son coig seachdainnean. Dh'fhàilnich tagradh den aon t-seòrsa aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an-dè.
Tha luchd-obrach MacTV ann an Steòrnabhagh, ochd duine deug dhiubh, a'gabhail sealbh air a' chompanaidh an-diugh. 'S i MacTV a' chompanaidh thelebhisean neo-eisimeileach is motha air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan agus chaidh an co-dhùnadh a ghabhail agus Àrd Stiùiriche na companaidh, Bill Moireasdan, a' leigeal dheth a dhreuchd. Tha Mac TV a' deanamh phrògraman Gàidhlig agus Beurla, nam measg an t-sreath aithriseach 'Trusadh' do BhBC Alba.
Thèid iomairt 'crowd-funding' a chuir air dòigh ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich a-màireach 'son airgead a thogail 'son taighean ùra aig prìs reusanta. Tha sia taighean, ionad medigeach agus ionad gniomhachais anns a phlana aig Urras an Taobh Sear ann an Stafainn. Tha iad air fiolm ghoirid a' dhèanamh a' sealltainn cho mòr 's a tha feum air taigheadais anns an sgìre sin agus tha iad ag iarraidh taic bho leithid nan companaidhean mòra a tha a' dèanamh fhiolmaichean anns an àite.
Agus thàinig sgioba à New Zealand dhan a' cho-dhùnadh nach eil dearbhadh sam bith ann, air uile-bhèist ann an Loch Nis. Thuirt luchd-rannsachaidh bho Oilthigh Otago, a chuir seachad ùine a' toirt samhlaichean uisge às an loch, gun d' fhuair iad iomadh stuth ginideach à biastan 's beathaichean beaga eile ach nach eil, nam beachdsan co-dhiù, sgeul sam bith ann air Niseag.