Dè a Niseag? 'Easgann mhòr' 's dòcha

  • Air fhoillseachadh
An t-Oll Niall GemmellTùs an deilbh, Christian Macfarlane
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an t-Oll Niall Gemmell os cionn an sgioba a bha a' dèanamh an rannsachadh.

Dhearbh luchd-sgrùdaidh bho Oilthigh Otago ann an Seallainn Nuadh nach d'fhuair iad DNA bho bheathach Jurassic ann an Loch Nis.

Thuirt iad ge-tà gur dòcha gur e easgann mhòr a tha daoine air fhaicinn.

Rinn an sgioba 250 deuchainn anns an loch aig doimhneachdan eadar-dhealaichte an uiridh.

Bha iad a' togail DNA bho gach nith a tha beò ann an Loch Nis, a gabhail a-staigh planntrais, biastagan, èisg, agus beathaichean eile.

Bho thòisich daoine ag ràdh gun robh iad air Niseag fhaicinn, tha cuid air a bhith den bheachd gur e seòrsa de phlesiosaur a bh'ann a mhair bhon linn Jurassic, neo 's dòcha iasg mòr neo melladh fradhairc.

Ùidh ann an Niseag

Thuirt an t-Oll Niall Gemmell a tha os cionn an sgioba, gu bheil ùidh mhòr aig daoine ann an uirsgeul Niseag agus gu bheil iadsan a nise a' cur ris a sin le bhith a' cleachdadh saidheans.

"Tha còrr is mìle neach, a' dol air ais chun an t-siathamh linn, air innse gum faca iad rudeiginn neò-àbhaisteach anns an loch, le feadhainn ag ràdh gur e uile-bhiast a bh'ann.

"Cha d'fhuair sinn fianais sam bith gu bheil creutair coltach ris a sin ann le bhith a' cleachdadh rannsachadh DNA air àireannachd an locha." thuirt e.

Easgann

Rinn iad sgrùdadh cuideachd feuch an robh iasg mòr sam bith eile anns an loch, leithid cearban, no cait-mhara mòra, ach cha d'fhuair iad sgeul air DNA bho iad sin a bharrachd.

Mapa far an deach DNA geadas fhaighinn anns an loch.Tùs an deilbh, Oilthaigh Otago
Fo-thiotal an deilbh,

Mapa far an deach DNA geadas fhaighinn anns an loch.

"Is dòcha ged tha gur e easgann mhòr a th'ann. Tha tòrr dhiubh anns an loch agus fhuaireadh DNA easgann, ach a bheil tè mhòr mhòr ann, chan eil fios le cinnt."

Thuirt an t-Oll Gemmell gu feumadh barrachd rannsachaidh a dhèanamh feuch a bheil easgann cho mòr sin ann an Loch Nis, ach gur dòcha gur e sin a tha daoine air fhaicinn.

Bha an t-Oll Eric Verspoor bho Oilthaigh na Gàidhealtachd am measg na bha sàs anns an rannsachadh air an deach prògram radio a dhèanamh.